Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thiormaich an Tighearna ur Dia suas uisgeachan Iòrdain romhaibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna ur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Eisd thusa o na nèamhan, d’àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut: air chor is gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm-sa, a‑chum gum bi eagal orra romhad mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gu bheil an taigh seo a thog mise air ainmeachadh ort.

Agus roinn thu a’ mhuir romhpa agus chaidh iad tro mheadhon na mara air talamh tioram; agus an luchd-tòrachd thilg thu anns an doimhne, mar chloich anns na h‑uisgeachan làidir.

Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr.

Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearna air an fhairge dol air a h‑ais le gaoith làidir on ear, rè na h‑oidhche sin, agus rinn e an fhairge na talamh tioram, agus roinneadh na h‑uisgeachan.

Oir chaidh eich Phàraoh a‑steach le a charbadan agus le a mharc-shluagh anns an fhairge, agus thug an Tighearna uisgeachan na fairge air an ais orra; ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge.

Mar seo deir an Tighearna, esan a nì slighe anns an fhairge, agus rathad anns na h‑uisgeachan làidir;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan