Iosua 4:22Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin bheir sibh fios dur cloinn, ag ràdh, Thàinig Israel thar Iòrdan seo air talamh tioram. Faic an caibideil |
An sin sheas na h‑uisgeachan a thàinig a‑nuas on àirde, agus dh’èirich iad suas nan tòrr ro‑fhada on bhaile Adam, a tha làimh ri Saretan: agus theirig iadsan a chaidh sìos rathad muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn, agus ghearradh as iad; agus chaidh an sluagh thairis dìreach fa chomhair Iericho.