Agus labhair e ri cloinn Israeil, ag ràdh, Nuair a dh’fhiosraicheas ur clann den athraichean anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na clachan seo?
Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:
A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo?