Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thachair, nuair a bha an Tighearna gu Eliah a thogail suas le iomaghaoith do na nèamhan, gun deachaidh Eliah maille ri Elisa o Ghilgal.

Rachaibh gu Betel agus ciontaichibh; aig Gilgal dèanaibh ur lochdan lìonmhor; agus thugaibh leibh ur n‑ìobairtean gach madainn, ur deicheamh gach trì bliadhna;

Ach na h‑iarraibh Betel, agus na rachaibh a‑steach gu Gilgal, agus na siùbhlaibh thairis gu Beer-sèba: oir thèid Gilgal gu deimhinn ann am braighdeanas, agus thig Betel gu neoni.

O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.

Agus anns an dà‑fhicheadamh bliadhna, anns an aon-mhìos-deug, air a’ chiad là den mhìos, labhair Maois ri cloinn Israeil, a rèir nan uile nithean a dh’àithn an Tighearna dha dan taobh;

Nach eil iad air an taobh eile de Iòrdan, leth ri slighe dol fodha na grèine, ann an tìr nan Canàanach, a tha ag àiteachadh a’ chòmhnaird fa chomhair Ghilgail, làimh ri còmhnardan Mhòreh?

Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal.

Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh.

Agus chaidh a’ chrìoch suas gu Debir o ghleann Achoir, agus ri tuath ag amharc ri Gilgal, a tha fa chomhair uchdach Aduimim, a tha air taobh deas na h‑aibhne; agus chaidh a’ chrìoch thairis gu uisgeachan En‑semeis, agus bha a’ dol a‑mach aig En‑rogel.

Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.

Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.

Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chùm iad a’ chàisg, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardan Iericho.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Air an là‑an‑diugh bhuin mi air falbh uaibh masladh na h‑Eiphit: uime sin thugadh Gilgal mar ainm air an àite sin gus an là‑an‑diugh.

Agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as; a‑nis uime sin dèanaibh coicheangal rinn.

Agus thèid thu sìos romhamsa gu Gilgal; agus, feuch, thèid mise sìos ad ionnsaigh, a thoirt suas thabhartasan-loisgte, agus a dh’ìobradh ìobairtean thabhartasan-sìth; seachd làithean fanaidh tu, gus an tig mise ad ionnsaigh, agus gun toir mi fios dhut ciod a nì thu.

Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan