Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Sin iadsan a chaidh thairis air Iòrdan anns a’ chiad mhìos, nuair a bha sruth a’ cur thairis air a bruachan uile; agus chuir iad an ruaig air muinntir nan gleann uile, a làimh na h‑àird an ear agus na h‑àird an iar.

Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre-sa, O Imanueil.

Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.

Agus nuair a bha iadsan a ghiùlain an àirc air teachd gu Iòrdan, agus a bha casan nan sagart a ghiùlain an àirc air an tumadh ann an oir an uisge (oir tha Iòrdan a’ sruthadh thar a bruachan uile rè an fhogharaidh uile),

Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thairis, an sin chaidh àirc an Tighearna thairis, agus na sagartan, an làthair an t‑sluaigh.

Agus dh’àithn Iosua do na sagartan, ag ràdh, Thigibh a‑nìos à Iòrdan.

Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan