An sin thàinig Nebuchadnesar dlùth do bheul na h‑àmhainn theinntich, dhian-loisgich, agus labhair e, ag ràdh, A Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, òglacha an Dè as àirde, thigibh a‑mach, agus thigibh an seo. An sin thàinig Sadrach, Mesach, agus Abed-nego a‑mach à meadhon an teine.
Agus an dèidh dhaibh iomadh buille a leagadh orra, thilg iad ann am prìosan iad, a’ toirt sparraidh do fhear-coimhead a’ phrìosain an gleidheadh gu tèarainte;
Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.