Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus chuala Israel uile a bhreith a thug an rìgh, agus bha eagal orra ron rìgh; oir chunnaic iad gu robh gliocas Dhè ann, a dhèanamh breitheanais.

Agus nuair a chunnaic mic nam fàidh e, a bha ann an Iericho fa chomhair, thubhairt iad, Dh’fhan spiorad Eliah air Elisa. Agus thàinig iad na choinneamh, agus chrom iad iad fhèin dha gu làr.

Agus dh’àrdaich an Tighearna Solamh gu ro‑mhòr ann an sealladh Israeil uile, agus thug e mòralachd rìoghail dha nach robh aig rìgh sam bith roimhe ann an Israel.

Mar an ceudna ann an Iùdah bha làmh Dhè a thoirt aon chridhe dhaibh, a dhèanamh àithne an rìgh agus nan uachdaran, a rèir facal an Tighearna.

Agus thug an Tighearna deagh-ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Eiphiteach. Mar an ceudna, bha an duine Maois ro‑mhòr ann an tìr na h‑Eiphit, ann an sùilean seirbhisich Phàraoh, agus ann an sùilean an t‑sluaigh.

Agus chunnaic Israel an obair mhòr sin a rinn an Tighearna air na h‑Eiphitich, agus bha eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus chreid iad an Tighearna agus Maois a sheirbhiseach.

A mhic, biodh eagal an Tighearna agus an rìgh ort: riùsan aig a bheil atharrachadh giùlain na biodh gnothach agad:

Oir is esan seirbhiseach Dhè a‑chum maith dhut. Ach ma nì thu an t‑olc, biodh eagal ort; oir chan ann gu dìomhain a tha e a’ giùlan a’ chlaidheimh: oir is e seirbhiseach Dhè e, na dhìoghaltair feirge air an tì a nì olc.

Agus gun do bhaisteadh iad uile do Mhaois anns an neul, agus anns a’ mhuir;

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa.

Chaidh thairis mu thimcheall dà‑fhichead mìle, deas airson cogaidh, an làthair an Tighearna gu cath, do chòmhnardan Iericho.

Agus labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,

Agus ghairm Samuel air an Tighearna; agus chuir an Tighearna a‑nuas tàirneanach agus uisge air an là sin: agus ghabh an sluagh uile eagal mòr ron Tighearna, agus ro Shamuel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan