Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chaidh thairis mu thimcheall dà‑fhichead mìle, deas airson cogaidh, an làthair an Tighearna gu cath, do chòmhnardan Iericho.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus lean armailt nan Caldèanach an rìgh, agus rug iad air ann an còmhnardan Iericho; agus sgapadh a armailt uile uaithe.

Ach threòraich Dia an sluagh mun cuairt, air slighe fàsach na mara ruaidhe: agus chaidh clann Israeil suas ann an òrdagh catha à tìr na h‑Eiphit.

Ach lean feachd nan Caldèanach air an tòir, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus ghlac iad e, agus thug iad e gu Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breith air.

Ach lean feachd nan Caldèanach air tòir an rìgh, agus rug iad air Sedeciah ann an còmhnardan Iericho; agus bha a fheachd uile air an sgapadh uaithe.

Ach thèid sinn fhèin deas-armaichte ro chloinn Israeil, gus an toir sinn iad dan àite; agus nì ar clann bheag còmhnaidh anns na bailtean daingnichte air sgàth luchd-àiteachaidh na tìre.

Cuiribh umaibh uile armachd Dhè, a‑chum gum bi sibh comasach air seasamh an aghaidh cuilbheirtean an diabhail.

Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia dhuibh am fearann seo ra shealbhachadh: thèid sibh a‑null fo ur n‑airm ro ur bràithrean clann Israeil, gach neach a tha foghainteach a‑chum cogaidh.

Agus chaidh clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, thairis fo an airm ro chloinn Israeil, mar a labhair Maois riu:

Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha.

Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chùm iad a’ chàisg, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardan Iericho.

An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan