De chloinn Ghad, a rèir an ginealaichean, a rèir an teaghlaichean, a rèir taighean an athraichean, a rèir àireamh nan ainmean, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, gach aon a b’urrainn dol a‑mach gu cogadh;
Ach thèid sinn fhèin deas-armaichte ro chloinn Israeil, gus an toir sinn iad dan àite; agus nì ar clann bheag còmhnaidh anns na bailtean daingnichte air sgàth luchd-àiteachaidh na tìre.
Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia dhuibh am fearann seo ra shealbhachadh: thèid sibh a‑null fo ur n‑airm ro ur bràithrean clann Israeil, gach neach a tha foghainteach a‑chum cogaidh.
Agus dheasaich e a’ chiad chuid dha fhèin, a chionn an sin, ann an cuibhreann an lagh-thabhartair, gun do shuidhicheadh e; agus thàinig e maille ri ceannardan an t‑sluaigh; ceartas an Tighearna chuir e an gnìomh, agus a bhreitheanais ri Israel.
Fanaidh ur mnathan, ur clann bheag, agus ur sprèidh, anns an tìr a thug Maois dhuibh air an taobh seo de Iòrdan; ach thèid sibh fhèin thairis fo ur n‑airm ro ur bràithrean, sibhse uile a tha treun ann an neart, agus cuidichidh sibh leo;