Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thairis, an sin chaidh àirc an Tighearna thairis, agus na sagartan, an làthair an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil.

Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.

Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan.

Agus bheir thu àithne do na sagartan a tha a’ giùlan àirc a’ choicheangail, ag ràdh, Nuair a bhios sibh air teachd gu oir uisge Iòrdain, ann an Iòrdan seasaidh sibh.

Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis.

Agus chaidh clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, thairis fo an airm ro chloinn Israeil, mar a labhair Maois riu:

Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan