Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair Iosua ris na sagartan, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus rachaibh thairis ron t‑sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choicheangail agus chaidh iad ron t‑sluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig uile sheanairean Israeil, agus thog na sagartan an àirc.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil; agus thog na Lèbhithich an àirc.

Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.

Agus dh’imich iad o shliabh an Tighearna astar trì làithean: agus chaidh àirc coicheangal an Tighearna romhpa astar trì làithean, a rannsachadh a‑mach àite-tàimh dhaibh.

A‑nis, ma mharbhas tu an sluagh seo uile mar aon duine, an sin labhraidh na cinnich a chuala iomradh ort, ag ràdh,

Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin; oir a‑màireach nì an Tighearna nithean iongantach nur measg.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa.

Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan