Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 3:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Eliah a fhallaing, agus dh’fhill e cuideachd i, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus roinneadh iad a‑null agus a‑nall; agus chaidh iadsan nan dithis thairis air talamh tioram.

Thionndaidh e a’ mhuir gu talamh tioram; tron t‑sruth ghabh iad thairis dan cois; an sin rinn sinn gàirdeachas ann.

Agus shìn Maois a‑mach a làmh os cionn na fairge, agus thug an Tighearna air an fhairge dol air a h‑ais le gaoith làidir on ear, rè na h‑oidhche sin, agus rinn e an fhairge na talamh tioram, agus roinneadh na h‑uisgeachan.

Agus chaidh clann Israeil a‑steach ann am meadhon na fairge air talamh tioram, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

Ach dh’imich clann Israeil air talamh tioram ann am meadhon na fairge, agus bha na h‑uisgeachan nam balla dhaibh air an làimh dheis, agus air an làimh chlì.

Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a thèid sibh a‑null thar Iòrdan, do thìr Chanàain;

Tre chreideamh chaidh iad tre an mhuir ruaidh, mar tre thalamh tioram: nì nuair a thug na h‑Eiphitich ionnsaigh air a dhèanamh, bhàthadh iad.

Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thar Iòrdan, an sin labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,

Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis.

Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thairis, an sin chaidh àirc an Tighearna thairis, agus na sagartan, an làthair an t‑sluaigh.

An sin bheir sibh fios dur cloinn, ag ràdh, Thàinig Israel thar Iòrdan seo air talamh tioram.

Agus àithnibh dhaibh, ag ràdh, Thugaibh leibh o seo à meadhon Iòrdain, as an àit anns an do sheas casan nan sagart gu daingeann, dà‑chloich-dheug; agus bheir sibh iad thairis leibh, agus cuiridh sibh iad anns an àite-tàimh anns an gabh sibh fois a‑nochd.

Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan