Iosua 3:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair a dh’fhalbh an sluagh o am bùthan, gu dol thar Iòrdan, agus na sagartan a’ giùlan àirc a’ choicheangail ron t‑sluagh; Faic an caibideil |
Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh an lìonmhorachd agus am meud anns an fhearann, anns na làithean sin, deir an Tighearna, chan abair iad nas mò, Airc coicheangail an Tighearna, cha mhò a thig i nan aire, cha mhò a chuimhnicheas iad i, cha mhò a bheir iad sùil na dèidh, cha mhò a nìthear sin tuilleadh.