Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 3:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile.

Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh.

Sgoilt thu an tobar agus an sruth; thiormaich thu aibhnichean mòra.

Sgoilt e an fhairge, agus thug e iadsan thairis, agus thug e air na h‑uisgeachan seasamh mar thòrr.

Agus le anail do shròine chruinnicheadh na h‑uisgeachan; sheas na tuiltean suas mar thòrr, chruadhaich na doimhneachdan ann am meadhon na fairge.

Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.

Choisich thusa tron fhairge led eich: tro chruinneachadh nan uisgeachan mòra.

An sin thubhairt esan, Is iad seo an dithis ungte a tha nan seasamh làimh ri Tighearna na talmhainn uile.

Feuch, tha àirc coicheangal Tighearna na talmhainn uile a’ dol thairis romhaibh do Iòrdan.

An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan