Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile.
A‑thaobh mo shluaigh-sa, tha clann a’ dèanamh sàrachaidh orra, agus tha mnathan a’ riaghladh os an cionn. O mo shluagh, tha do chinn-iùil gad chur air seachran, agus a’ fiaradh slighe do cheuman.
Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.
Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut.
Èirich agus buail an t‑arbhar, O nighean Shioin; oir nì mise d’adharc na h‑iarann, agus d’iongannan nan umha; agus buailidh tu nam bloighdean mòran chinneach; agus coisrigidh tu an ionmhas don Tighearna; agus am maoin do Thriath na talmhainn uile.
Bidh an Tighearna uamhasach nan aghaidh: oir bheir e gort air uile dhiathan na talmhainn; agus bheir iad adhradh dhàsan, gach aon o a àite fhèin, eadhon uile eileanan nan cinneach.
Agus fhreagair an t‑aingeal, agus thubhairt e rium, Is iad seo ceithir spioradan nan nèamh a tha a’ dol a‑mach o bhith nan seasamh an làthair Tighearna na talmhainn uile.
Uime sin tuig thusa an‑diugh, gur e an Tighearna do Dhia an tì a thèid thairis romhad na theine caithteach: cuiridh esan as dhaibh, agus cuiridh e sìos iad ad fhianais: mar sin fògraidh tu a‑mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut.
Agus cho luath is a shocraicheas na sagartan a tha a’ giùlan àirc an Tighearna, Tighearna na talmhainn uile, buinn an cas ann an uisgeachan Iòrdain, bidh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o na h‑uisgeachan a thig a‑nuas on àirde; agus seasaidh iad nan tòrr.