Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 3:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Abrahàm suas gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e aran agus searrag uisge, agus thug e sin do Hàgar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh, agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seachran ann am fàsach Bheer-sèba.

Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.

Rinn mi deifir, agus cha robh mi màirnealach a‑chum d’àitheantan a choimhead.

O threas-bliadhna-deug Iosiah mhic Amoin rìgh Iùdah, eadhon gus an là‑an‑diugh (is i seo an treas-bliadhna-fichead), thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh-sa, agus labhair mi ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt; ach cha d’èisd sibh.

Gu èisdeachd a thoirt do bhriathran mo sheirbhiseach na fàidhean, a chuir mi thugaibh, araon ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach (ged nach d’èisd sibhse);

Agus a‑nis, a chionn gun do rinn sibhse na h‑obraichean seo uile, deir an Tighearna, agus gun do labhair mise ribh ag èirigh gu moch, agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibhse; agus gun do ghlaodh mi ribh, ach cha do fhreagair sibh:

O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.

Agus dh’fhan Israel ann an Sitim, agus thòisich an sluagh air strìopachas a dhèanamh le nigheanan Mhòaib.

Agus air dha èirigh anns a’ mhadainn, fada ro là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail, agus rinn e ùrnaigh an sin.

Agus chuir Iosua mac Nuin a‑mach à Sitim dithis dhaoine a rannsachadh a‑mach gu h‑uaigneach, ag ràdh, Imichibh, rannsaichibh a‑mach an tìr, agus Iericho: agus dh’imich iad, agus chaidh iad a‑steach do thaigh strìopaich, dom b’ainm Rahab, agus laigh iad an sin.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thog na sagartan suas àirc an Tighearna.

Agus air an t‑seachdamh là dh’èirich iad gu moch mu bhriseadh na fàire, agus chuartaich iad am baile air an dòigh cheudna, seachd uairean: a‑mhàin air an là sin chuartaich iad am baile seachd uairean.

Uime sin dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus thug e leis Israel a rèir an treubhan; agus ghabhadh treubh Iùdah.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’àireamh e an sluagh, agus chaidh e suas, e fhèin agus seanairean Israeil, ron t‑sluagh gu Ai.

Agus dh’èirich clann Israeil anns a’ mhadainn, agus champaich iad an aghaidh Ghibeah.

Agus dh’èirich Daibhidh gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’fhàg e na caoraich aig fear-gleidhidh, agus thug e leis, agus dh’imich e, mar a dh’àithn Iese dha; agus thàinig e don chlais-bhlàir nuair a bha an armailt a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh a’ chatha, agus a rinn iad iolach a‑chum a’ chatha:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan