An sin dh’èirich Balac mac Shipoir, rìgh Mhòaib, agus chog e an aghaidh Israeil, agus chuir e fios, agus ghairm e Balàam mac Bheoir, a‑chum sibhse a mhallachadh.
O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.
An sin chuir Israel teachdairean gu rìgh Edoim, ag ràdh, Leig dhuinn, guidheamaid ort, dol tro d’fhearann: ach chan èisdeadh rìgh Edoim agus mar an ceudna chuir iad teachdairean gu rìgh Mhòaib: ach cha d’aontaich e: agus dh’fhan Israel ann an Cadeis.