Chan ann mar sin a tha an gnothach: ach thog duine de shliabh Ephraim, don ainm Sèba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an rìgh, an aghaidh Daibhidh: thugaibh esan a‑mhàin thairis, agus imichidh mi on bhaile. Agus thubhairt a’ bhean ri Ioab, Feuch, tilgear a cheann ad ionnsaigh thar a’ bhalla.
Agus thubhairt esan, Tha gach nì gu math: chuir mo mhaighistir uaithe mi, ag ràdh, Feuch, a‑nis thàinig am ionnsaigh dà òganach o shliabh Ephraim de mhic nam fàidh: thoir dhaibh, guidheam ort, tàlann airgid, agus dà chulaidh aodaich.
Agus ghabh Eleàsar mac Aaroin aon de nigheanan Phutieil dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Phinehas: is iad sin ceannardan athraichean nan Lèbhitheach, a rèir an teaghlaichean.
Agus bidh Eleàsar, mac Aaroin an sagart, na cheannard air ceannardan nan Lèbhitheach, agus bidh sùil aige orrasan a bhios a’ gleidheadh cùram an ionaid naoimh.
Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd:
Agus is iad seo na dùthchannan a fhuair clann Israeil mar oighreachd ann an tìr Chanàain, a roinn Eleàsar an sagart, agus Iosua mac Nuin, agus cinn-fheadhna athraichean treubhan chloinn Israeil mar oighreachd dhaibh.
Agus chuir clann Israeil a dh’ionnsaigh cloinn Reubein, agus a dh’ionnsaigh cloinn Ghad, agus gu leth-threubh Mhanaseh, do thìr Ghilead, Phinehas mac Eleàsair an sagart;
Agus dh’imich an duine as a’ bhaile o Bhetlehem Iùdah, a dhol air chuairt far am faigheadh e àite: agus thàinig e gu sliabh Ephraim, gu taigh Mhicah, a’ dol air aghaidh air a thuras.
Agus sheas Phinehas, mac Eleàsair mhic Aaroin, na làthair anns na làithean sin,) ag ràdh, An tèid mi fhathast a‑rìs a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair, no an sguir mi? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas; oir a‑màireach bheir mise thairis iad dod làimh.
Agus chaidh e tro mhonadh Ephraim, agus chaidh e tro thìr Shalisa, ach cha d’fhuair iad iad: an sin chaidh e tro thìr Shalaim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e tro thìr nam Beniàmineach, ach cha d’fhuair iad iad.