Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Iòseiph, a thug clann Israeil a‑nìos as an Eiphit, ann an Sechem, ann am mìr fearainn a cheannaich Iàcob o mhic Hamoir, athair Shecheim, airson ceud bonn airgid; agus bha e na oighreachd aig cloinn Iòseiph.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus cheannaich e mìr fearainn, far an do shuidhich e a bhùth, o làimh clann Hamoir athair Shecheim, air ceud bonn airgid.

Agus thug mise dhut aon chuid-roinne thar do bhràithrean a bhuin mi a‑mach à làimh an Amoraich lem chlaidheamh agus lem bhogha.

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.

Agus ghabh Iòseph mionnan de chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan-sa suas as a seo.

Agus thug Maois cnàmhan Iòseiph leis: oir ghabh e mionnan teann de chloinn Israeil, ag ràdh, Gu cinnteach amhaircidh Dia oirbhse, agus bheir sibh suas mo chnàmhan leibh as a seo.

An sin thàinig e gu baile a bhuineadh do Shamaria, ris an abrar Sichar, am fagas don fhearann a thug Iàcob da mhac Iòseph.

Agus chaidh Iàcob sìos don Eiphit, agus fhuair e bàs, e fhèin agus ar n‑athraichean.

Agus ghiùlaineadh thairis iad gu Sichem, agus chuireadh iad anns an àit-adhlaic a cheannaich Abrahàm air suim airgid o mhic Emoir, athair Shicheim.

Tre chreideamh rinn Iòseph, ri àm faghail a’ bhàis dha, iomradh air dol a‑mach chloinn Israeil: agus thug e àithne mu thimcheall a chnàmh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan