Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Israel seirbhis don Tighearna uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, agus dom b’aithne uile obraichean an Tighearna, a rinn e airson Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh.

Agus rinn Iòas an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna rè uile làithean Iehoiada an sagart.

Agus chuir Iosiah air falbh na gràinealachdan uile as na tìrean uile a bhuineadh do chloinn Israeil, agus thug e orrasan uile a fhuaireadh ann an Israel seirbhis a dhèanamh don Tighearna an Dia. Rè a làithean uile cha do chlaon iad o leantainn an Tighearna, Dia an athraichean.

Oir tha fhios agam air a seo, an dèidh m’imeachd-sa gun tig madaidhean-allaidh garga nur measg, nach caomhain an treud.

Agus biodh fhios agaibhse an‑diugh: oir cha labhair mi ri ur cloinn do nach b’aithne, agus nach faca, smachdachadh an Tighearna ur Dia, a mhòrachd, a làmh chumhachdach, agus a ghàirdean sìnte a‑mach,

Ach chunnaic ur sùilean-se gnìomharan mòra an Tighearna uile, a rinn e.

Agus gun cluinn an clann do nach b’aithne a’ bheag, agus gum fòghlaim iad eagal an Tighearna ur Dia a bhith orra, am fad agus as beò dhuibh anns an fhearann da bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh.

Oir tha fhios agam, an dèidh mo bhàis gun truaill sibh sibh fhèin gu tur, agus gun tèid sibh a thaobh on t‑slighe a dh’àithn mi dhuibh; agus thig olc oirbh anns na làithean deireannach, a chionn gun dèan sibh olc ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg le obair ur làmh.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:

Agus chruinnicheadh mar an ceudna an ginealach sin uile a‑chum an athraichean: agus dh’èirich ginealach eile suas nan dèidh, do nach b’aithne an Tighearna, no na h‑obraichean a rinn e airson Israeil.

Agus nuair a leig Iosua leis an t‑sluagh imeachd, chaidh clann Israeil, gach duine da oighreachd, a ghabhail seilbh air an fhearann.

Agus rinn an sluagh seirbhis don Tighearna rè uile làithean Iosua, agus uile làithean nan seanair a mhair beò an dèidh Iosua, a chunnaic uile obraichean mòra an Tighearna, a rinn e airson Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan