Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh nan nithean sin, fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Iòseph còmhnaidh anns an Eiphit, e fhèin agus teaghlach a athar: agus bha Iòseph beò ceud agus deich bliadhna.

Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e anns an Eiphit.

Cha mhol na mairbh an Tighearna, no iadsan uile a thèid sìos tosdach don uaigh.

Agus fhuair Maois, òglach an Tighearna, bàs an sin, ann am fearann Mhòaib, a rèir facal an Tighearna.

Agus leig Iosua leis an t‑sluagh imeachd, gach duine da oighreachd fhèin.

Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat-serah, a tha ann an sliabh Ephraim air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais.

Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.

Agus fhuair Iosua mac Nuin, òglach an Tighearna, bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois.

Agus dh’adhlaic iad e ann an crìch a oighreachd fhèin ann an Timnat-heres, ann an sliabh Ephraim, air an taobh mu thuath de shliabh Ghaais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan