Agus thug iad do Iàcob na diathan coimheach uile a bha nan làimh, agus an cluas-fhàinnean a bha nan cluasan; agus dh’fhalaich Iàcob iad fon daraig a bha làimh ri Sechem.
Agus rinn Iehoiada coicheangal eadar an Tighearna agus an rìgh agus an sluagh gum biodh iad nan sluagh aig an Tighearna; mar an ceudna eadar an rìgh agus an sluagh.
Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.
Agus airson seo uile nì sinn coicheangal cinnteach, agus sgrìobhaidh sinn e; agus cuiridh ar n‑uachdarain, ar Lèbhithich, agus ar sagartan an seula ris.
Agus dh’èigh esan ris an Tighearna, agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus thilg e anns na h‑uisgeachan e, agus rinneadh na h‑uisgeachan milis: ann an sin rinn e lagh agus òrdagh dhaibh, agus ann an sin dhearbh e iad;
Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.
Is iad sin briathran a’ choicheangail a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a dhèanamh ri cloinn Israeil, ann an tìr Mhòaib, a thuilleadh air a’ choicheangal a rinn e riu ann an Hòreb.
Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd-riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè.
Agus sgrìobh Iosua na briathran seo ann an leabhar lagh Dhè, agus ghabh e clach mhòr, agus chuir e suas i an sin fo dharaig, a bha làimh ri ionad naomh an Tighearna.