A‑chum gun aom e ar cridhe thuige fhèin, a ghluasad na shlighean uile, agus a ghleidheadh a àitheantan, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, a dh’àithn e dar n‑athraichean.
Their Ephraim, Ciod mo gnothach-sa tuilleadh ri iodhalan? Chuala mise e; agus thug mi fa‑near e; is cosmhail mi ri crann uaine giuthais; uamsa tha do thoradh ra fhaotainn.
A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna.