Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.

Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.

Agus thàinig Maois agus dh’innis e don t‑sluagh briathran an Tighearna uile, agus na breitheanais uile: agus fhreagair an sluagh gu lèir le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne.

Agus ghabh e leabhar a’ choicheangail, agus leugh e ann an èisdeachd an t‑sluaigh; agus thubhairt iadsan, Gach nì a labhair an Tighearna nì sinne, agus bheir sinn gèill.

Their am fear seo, Is leis an Tighearna mise; agus ainmichear fear eile air ainm Iàcoib; agus sgrìobhaidh fear eile le a làimh don Tighearna, agus sloinnidh e e fhèin air ainm Israeil.

Rinn thu roghainn an‑diugh den Tighearna gu bhith na Dhia dhut, agus gu gluasad na shlighean, agus gu a reachdan a ghleidheadh, agus a àitheantan, agus a bhreitheanais, agus gu èisdeachd ra ghuth.

Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Is fianaisean sibh nur n‑aghaidh fhèin, gun do thagh sibh dhuibh fhèin an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha. Agus thubhairt iad, Is fianaisean sinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan