Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma thrèigeas sibh an Tighearna, agus ma nì sibh seirbhis do dhiathan coimheach, an sin tillidh e agus nì e olc oirbh, agus claoidhidh e sibh, an dèidh dha math a dhèanamh dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

A‑nis uime sin guidheam oirbh ann an sealladh Israeil uile, co‑chruinneachadh an Tighearna, agus ann an èisdeachd ar Dè‑ne, gleidhibh agus iarraibh uile àitheantan an Tighearna ur Dia: a‑chum gun sealbhaich sibh am fearann math seo, agus gum fàg sibh e mar oighreachd dur cloinn nur dèidh gu bràth.

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus marc-shluagh iarraidh air an rìgh, a chuideachadh leinn an aghaidh an nàmhaid air an t‑slighe: a chionn gun do labhair sinn ris an rìgh, ag ràdh, Tha làmh ar Dè a‑chum maith orrasan uile a dh’iarras e, ach a chumhachd agus a fhearg nan aghaidh-san uile a thrèigeas e.

Ma mhì-naomhaicheas iad mo reachdan, agus nach glèidh iad m’àitheantan,

Agus claoidhear luchd-easaontais agus peacaich maraon; agus bidh iadsan a thrèigeas an Tighearna air an caitheamh as.

Ach rinn iadsan ceannairc, agus chuir iad doilgheas air a Spiorad naomh; air chor is gun d’fhàs e na nàmhaid dhaibh, agus chog e fhèin nan aghaidh.

O Thighearna, cuspair-dòchais Israeil, bidh amhluadh air gach aon a thrèigeas thu; sgrìobhar iad nan luchd-ceannairc as an talamh; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, tobar nan uisgeachan beò.

Ach nuair a thilleas am fìrean air falbh o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, a’ dèanamh a rèir nan uile ghràinealachdan a nì an t‑aingidh, am mair e beò? Air uile fhìreantachd a rinn e cha bhi iomradh: na chionta a chiontaich e, agus na pheacadh a pheacaich e, anntasan gheibh e bàs.

An sin thill Dia, agus thug e thairis iad a‑chum adhradh a dhèanamh do armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean, An tug sibh dhòmhsa beathaichean marbhte, agus ìobairtean rè dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach, O thaigh Israeil?

Nuair a ghineas tu clann, agus clann cloinne, agus a dh’fhanas sibh fada anns an fhearann, agus a thruailleas sibh sibh fhèin, agus a nì sibh dealbh snaidhte, coslas nì sam bith, agus a nì sibh olc ann an sealladh an Tighearna do Dhia, agus a bhrosnaicheas sibh e gu feirg;

Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.

A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann.

Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna.

Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh-se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean.

Ach ma bhuanaicheas sibh ann an droch dhèanadas, sgriosar araon sibh fhèin agus ur rìgh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan