Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Air taobh thall na h‑aibhne, anns an t‑seann aimsir, chòmhnaich ur n‑athraichean, eadhon Tèrah, athair Abrahàim, agus athair Nachoir: agus rinn iad seirbhis do dhiathan eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus bha Serug beò deich-bliadhna-fichead, agus ghin e Nàhor:

Agus bha Nàhor beò naoi-bliadhna-fichead, agus ghin e Tèrah:

Agus bha Tèrah beò deich agus trì-fichead bliadhna, agus ghin e Abram, Nàhor, agus Hàran.

A‑nis is iad seo ginealaichean Thèrah: ghin Tèrah Abram, Nàhor, agus Hàran; agus ghin Hàran Lot.

Agus chaidh Làban a lomairt a chaorach; agus ghoid Rachel na dealbhan a bu le a h‑athair.

Agus a‑nis, ged b’èiginn dhut falbh, a chionn gu robh thu gu ro‑mhòr an geall air taigh d’athar, gidheadh carson a ghoid thu mo dhiathan?

Ge bè neach aig am faigh thu do dhiathan, na maireadh e beò: an làthair ar bràithrean faic ciod a tha agam a bhuineas dhut, agus gabh thugad e; oir cha robh fhios aig Iàcob gun do ghoid Rachel iad.

Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac.

Agus thug iad do Iàcob na diathan coimheach uile a bha nan làimh, agus an cluas-fhàinnean a bha nan cluasan; agus dh’fhalaich Iàcob iad fon daraig a bha làimh ri Sechem.

Abram, is e sin Abrahàm.

Seallaibh air Abrahàm ur n‑athair, agus air Sàrah a rug sibh; oir ghairm mise e na aonar, agus bheannaich mi e, agus rinn mi lìonmhor e.

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri Ierusalem, Tha do bhreith agus do dhùthchas o thìr Chanàain; b’Amorach d’athair, agus bu bhan-Hiteach do mhàthair.

Mhic Iàcoib, mhic Isaaic, mhic Abrahàim, mhic Thara, mhic Nachoir,

Agus freagraidh tu agus their thu an làthair an Tighearna do Dhia, Bu Shirianach air sheòl a bhith caillte m’athair, agus chaidh e sìos don Eiphit, agus bha e air chuairt an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e an sin na chinneach mòr, cumhachdach, agus lìonmhor:

Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan