Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna; oir is Dia ro‑naomh e; is Dia eudmhor e; cha lagh e ur n‑easaontais, no ur peacaidhean.
Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann.
Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.
Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh.
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.
Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh.
Tha Dia eudmhor, agus nì an Tighearna dìoghaltas, agus tha e ann am feirg; nì an Tighearna dìoghaltas air a eascairdean; agus taisgidh e corraich airson a naimhdean.
Tha do shùilean nas glaine na gun seall thu air olc, agus chan fhaod thu amharc air aingidheachd: cuime a bheil thu ag amharc air luchd-ceannairc, agus a’ fantainn ad thosd nuair tha an t‑aingidh a’ slugadh suas an duine as ionraice na e fhèin?
Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.
Agus dh’fhògair an Tighearna a‑mach romhainn na slòigh uile, eadhon na h‑Amoraich a bha a chòmhnaidh anns an tìr; uime sin nì sinne mar an ceudna seirbhis don Tighearna, oir is esan ar Dia.
Agus thubhairt i, Feuch, tha do phiuthar-chèile air tilleadh a dh’ionnsaigh a sluaigh, agus a dh’ionnsaigh a diathan; till thusa an dèidh do pheathar-chèile.