Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir mi a’ chonnsbeach romhaibh, a dh’fhuadaich iad a‑mach as ur fianais eadhon dà rìgh nan Amorach; ach chan ann led chlaidheamh, no led bhogha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Sihon rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain, agus uile rìoghachdan Chanàain,

Chòmhdaicheadh beanntan le a sgàil, agus le a geugan seudair àrda.

Rèitich thu àite fa comhair, agus thug thu oirre freumhachadh gu daingeann, agus lìon i an tìr.

Agus cuiridh mise ceàrnabhain romhad, agus fògraidh iad a‑mach an t‑Hibheach, an Canàanach, agus an t‑Hiteach, as do làthair.

Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.

Mar seo ghabh Israel còmhnaidh ann am fearann nan Amorach.

Agus chuir Maois daoine uaithe a ghabhail beachd air Iaser, agus ghlac iad a bhailtean, agus dh’fhògair iad a‑mach na h‑Amoraich a bha an sin.

Agus nì an Tighearna riu mar a rinn e ri Sihon, agus ri Og, rìghrean nan Amorach, agus ri fearann na muinntir sin a sgrios e.

Air an taobh seo de Iòrdan anns a’ ghleann thall fa chomhair Bhet-peoir, ann am fearann Shihoin rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, a bhuail Maois agus clann Israeil, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit:

Agus shealbhaich iad a fhearann, agus fearann Og rìgh Bhasain, dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine;

Os bàrr, cuiridh an Tighearna do Dhia a’ chonnspeach nam measg, gus am bi iadsan a dh’fhàgar, agus a dh’fhalaicheas iad fhèin od ghnùis, air an sgrios.

Oir chuala sinne cionnas a thiormaich an Tighearna suas uisge na mara ruaidhe romhaibh, nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit; agus ciod a rinn sibh air dà rìgh nan Amorach, a bha air an taobh eile de Iòrdan, Sihon agus Og, a sgrios sibh gu tur.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan