Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Na Cenich, agus na Cenidsich, agus na Cadmonaich,

Agus thug e dhaibh fearann nan cinneach, agus shealbhaich iad saothair nan sluagh;

Chunnaic an cuan, agus theich e; thionndaidh Iòrdan air a h‑ais.

Ciod, a chuain, a thug ort teicheadh; a Iòrdain, a thug ort tionndadh air d’ais?

Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e dod athraichean gun tugadh e dhut, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, an sin coimheadaidh tu an t‑seirbhis seo anns a’ mhìos seo.

Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad.

Agus cuiridh mise ceàrnabhain romhad, agus fògraidh iad a‑mach an t‑Hibheach, an Canàanach, agus an t‑Hiteach, as do làthair.

Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.

Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Eiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.

Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach;

Agus nuair a sgrios e seachd cinnich ann an tìr Chanàain, roinn e am fearann orrasan le crannchur.

An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh, a‑steach maille ri Iosa do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh;

Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;

Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich.

Agus nuair a bha an sluagh uile air dol thar Iòrdan, an sin labhair an Tighearna ri Iosua, ag ràdh,

Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.

Oir thiormaich an Tighearna ur Dia suas uisgeachan Iòrdain romhaibhse, gus an deachaidh sibh thairis, mar a rinn an Tighearna ur Dia air a’ mhuir ruaidh, a thiormaich e suas romhainn, gus an robh sinn air dol thairis;

Chruinnich iad an ceann a chèile a chogadh ri Iosua, agus ri Israel, le aon rùn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan