Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 24:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chan èisdinn-sa ri Balàam; uime sin da‑rìribh bheannaich e sibh: mar sin shaor mi sibh as a làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

O mo shluagh, cuimhnich a‑nis ciod a’ chomhairle a ghabh Balac rìgh Mhòaib; agus ciod am freagradh a thug Balàam mac Bheoir dha, o Shitim gu Gilgal; a‑chum gun aithnich sibh fìreantachd an Tighearna.

Agus thubhairt aingeal an Tighearna ri Balàam, Imich leis na daoine: ach a‑mhàin am facal a labhras mise riut, sin labhraidh tusa. Mar sin chaidh Balàam le ceannardan Bhalaic.

Gidheadh, chan èisdeadh an Tighearna do Dhia ri Balàam; ach thionndaidh an Tighearna do Dhia dhut am mallachadh gu beannachadh, a chionn gum bu toigh leis an Tighearna do Dhia thu.

Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan