Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 23:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir dh’fhuadaich an Tighearna a‑mach as ur fianais cinnich mhòra agus threuna: ach dur taobh-se, cha b’urrainn duine sam bith seasamh romhaibh gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e nithean ro‑ghràineil ann an leantainn dhiathan brèige, a rèir nan uile nithean a rinn na h‑Amoraich, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Nach tusa ar Dia-ne, a dh’fhògair a‑mach luchd-àiteachaidh na tìre seo rod shluagh Israel, agus a thug i do shliochd Abrahàim, do charaid, gu bràth?

Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad.

A lìon beag is beag tilgidh mi a‑mach iad as do làthair, gus an sìolaich thu agus an sealbhaich thu am fearann.

An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh, a‑steach maille ri Iosa do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh;

An sin tilgidh an Tighearna a‑mach na cinnich sin uile romhaibh, agus sealbhaichidh sibh cinnich as mò agus as cumhachdaiche na sibh fhèin.

Agus bheir e an rìghrean thairis dod làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhith fo nèamh: cha seas duine sam bith ad aghaidh, gus an cuir thu as dhaibh.

Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu.

Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic.

Agus an Tighearna ur Dia, fuadaichidh esan iad as ur fianais, agus iomainidh e iad a‑mach as ur sealladh; agus sealbhaichidh sibh am fearann aca, mar a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh.

Ach dlùth-leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh.

Agus dh’fhògair an Tighearna a‑mach romhainn na slòigh uile, eadhon na h‑Amoraich a bha a chòmhnaidh anns an tìr; uime sin nì sinne mar an ceudna seirbhis don Tighearna, oir is esan ar Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan