Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 23:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum nach tig sibh air feadh nan cinneach sin, na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus nach luaidh sibh ainm an diathan, agus nach mionnaich sibh orra, agus nach dèan sibh seirbhis dhaibh, agus nach crom sibh sibh fhèin dhaibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Oir rinn iad seirbhis do iodhalan, mun dubhairt an Tighearna riu, Cha dèan sibh an nì seo.

Anns an nì seo gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach, nuair a thèid mo thighearna a‑steach do thaigh Rimoin a dhèanamh adhraidh an sin, agus a leigeas e a thaic air mo làimh-sa, agus a chromas mise mi fhèin sìos ann an taigh Rimoin, gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach anns an nì seo.

Ach ma thionndaidheas sibh uam, agus gun trèig sibh mo reachdan agus m’àitheantan a chuir mi romhaibh, agus gun tèid sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh:

Meudaichear an doilgheasan dhaibhsan a nì deifir an dèidh dhiathan eile; chan ìobair mi an ìobairtean-dibhe de fhuil, agus cha luaidh mi air an ainmean lem bhilean.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e.

Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh-sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut.

Na gabh a‑steach do rathad nan aingidh, agus na imich ann an slighe dhroch dhaoine.

Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh-sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh-sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh.

Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean.

Oir bheir mi ainmean Bhàalim a‑mach as a beul, agus chan ainmichear nas mò iad air an ainm.

Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham;

Agus Nebo, agus Bàal-meon (air dan ainmean a bhith air an atharrachadh), agus Sibmah: agus thug iad ainmean eile do na bailtean a thog iad.

Ach mura fògair sibh a‑mach luchd-àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh.

Na meallar sibh: truaillidh droch choluadar deagh bheusan.

Agus na biodh co‑chomann agaibh ri obraichean neo-thairbheach an dorchadais, ach gum b’fheàrr leibh an cronachadh.

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort, agus nì thu seirbhis dha, agus mionnaichidh tu air a ainm.

Cha tèid sibh an dèidh dhiathan eile de dhiathan an t‑sluaigh a tha mun cuairt oirbh;

No ma thèid sibh air chor sam bith air ur n‑ais, agus ma leanas sibh ri fuidheall nan cinneach sin, eadhon na cinnich sin a mhaireas nur measg, agus ma nì sibh cleamhnas riu, agus ma thèid sibh a‑steach dan ionnsaigh, agus iadsan dur n‑ionnsaigh-se:

Ach dlùth-leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan