Iosua 23:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ghairm Iosua da ionnsaigh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am britheamhan, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd air m’aghaidh ann am bliadhnachan: Faic an caibideil |
Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.