Iosua 23:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus, feuch, tha mise an‑diugh a’ dol air slighe na talmhainn uile, agus tha fhios agaibh fhèin nur n‑uile chridhe, agus nur n‑uile anam, nach d’fhàilnich aon nì de na nithean matha sin uile a labhair an Tighearna ur Dia dur taobh; thàinig iad gu lèir gu crìch dhuibhse, cha d’fhàilnich aon nì dhiubh. Faic an caibideil |
Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.
Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;
Nuair a thug mi iad don fhearann, mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn dhaibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc àrd, agus na h‑uile chruinn thiugha, agus dh’ìobair iad an sin an ìobairtean, agus an sin thug iad seachad an tabhartasan fuathach: an sin fòs rinn iad am fàile cùbhraidh, agus dhòirt iad a‑mach an ìobairtean dibhe.