Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 23:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap-tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Oir thachair, ann an àm seann aois Sholaimh, gun do chlaon a mhnathan a chridhe an dèidh dhiathan eile: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh a athair.

Uime sin bha fearg ro‑mhòr air an Tighearna ri Israel, agus dh’atharraich e iad as a shealladh: cha d’fhàgadh aon ach treubh Iùdah a‑mhàin.

Agus chuir an Tighearna cùl ri uile shliochd Israeil, agus chuir e fo àmhghar iad, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean, gus an do thilg e as a shealladh iad.

Agus bhuail rìgh Bhàbiloin iad, agus mharbh e iad aig Riblah, ann an tìr Hamait. Agus thugadh Iùdah air falbh as an tìr fhèin.

Agus dh’èirich an sluagh uile eadar bheag agus mhòr, agus ceannardan nan armailt, agus thàinig iad don Eiphit: oir bha eagal nan Caldèanach orra.

Biodh am bòrd fan comhair mar ribe, agus an soirbheachadh mar cheap-tuislidh dhaibh.

Agus thubhairt seirbhisich Phàraoh ris, Cia fhada a bhios an duine seo na ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, a‑chum gun dèan iad seirbhis don Tighearna an Dia: nach eil fhios agad fhathast gu bheil an Eiphit air a milleadh?

Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh-sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut.

Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

Agus gun gabh thu den nigheanan dod mhic, agus gun tèid an nigheanan le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad air do mhic dol le strìopachas an dèidh an diathan.

Agus cha bhi dris dhealgach ann nas mò do thaigh Israeil, no dris a bheir doilgheas, dhaibhsan uile mun cuairt a tha ri tàir orra; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna Dia.

Ach mura fògair sibh a‑mach luchd-àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh.

Agus tuitidh iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus bheirear iad ann am braighdeanas a‑chum nan uile chinneach: agus bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich, gus an coileanar aimsirean nan Cinneach.

Agus spìon an Tighearna a‑mach iad as am fearann ann am feirg, agus ann an corraich, agus ann an lasan ro‑mhòr, agus thilg e iad do dhùthaich eile, mar air an là‑an‑diugh.

Tha mi ag innse dhuibh air an là‑an‑diugh gun sgriosar gu cinnteach sibh, agus nach buanaich sibh ur làithean air an fhearann, da bheil thu a’ dol thar Iòrdan, gu gabhail a‑steach ga shealbhachadh.

Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.

Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.

Agus air mosgladh dhaibh gun tèid iad as o ribe an diabhail, aig a bheil iad air am beò-ghlacadh a‑chum a thoile.

Cha chuir mise mar an ceudna, à seo suas, duine sam bith a‑mach romhpa, de na cinnich a dh’fhàg Iosua nuair a fhuair e bàs;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan