Iosua 23:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Thugaibh, uime sin, aire mhath dhuibh fhèin, gun gràdhaich sibh an Tighearna ur Dia. Faic an caibideil |
A mheud gu bheil mi ag àithneadh dhut an‑diugh an Tighearna do Dhia a ghràdhachadh, gluasad na shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, a‑chum gum bi thu beò, agus gum fàs thu lìonmhor agus gum beannaich an Tighearna do Dhia thu anns an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.
Ach thugaibh ro‑aire gun coilean sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, gràdh a thoirt don Tighearna ur Dia, agus gluasad na uile shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth-leantainn ris, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.