Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 23:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuiridh aon fhear dhibh an teicheadh air mìle: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chogas air ur son, mar a gheall e dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Is iad seo ainmean nan daoine treuna a bha aig Daibhidh: Iasobeam, mac Hachmoni, na cheann air triùir; thog esan a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbhadh leis anns an aon àm.

Agus chuidicheadh leo nan aghaidh, agus thugadh thairis nan làimh na Hàgaraich, agus iadsan uile a bha maille riu: oir dh’èigh iad ri Dia anns a’ chath, agus dh’aontaich esan len guidhe, a chionn gun d’earb iad as.

Oir thuit mòran sìos air am marbhadh, a chionn gu robh an cogadh o Dhia. Agus ghabh iad còmhnaidh nan àite gu ruig am braighdeanas.

Tagair, a Tighearna, riùsan a thagras am aghaidh; cog nan aghaidh-san a chogas am aghaidh.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Cogaidh an Tighearna air ur son, agus fanaidh sibhse nur tosd.

Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc.

Agus ruaigidh sibh ur naimhdean, agus tuitidh iad romhaibh leis a’ chlaidheamh.

Agus cuiridh còignear dhibh an ruaig air ceud, agus cuiridh ceud dhibh an ruaig air deich mìle: agus tuitidh ur naimhdean romhaibh leis a’ chlaidheamh.

Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Agus their e riu, Eisd, O Israeil, tha sibh an‑diugh a’ dol gu cath an aghaidh ur naimhdean: na biodh ur cridhe fann, na biodh eagal oirbh, agus na criothnaichibh, agus na biodh uamhann oirbh air an son;

Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh.

Bheir an Tighearna fa‑near gum bi do naimhdean, a dh’èireas suas ad aghaidh, air am bualadh rod ghnùis: thig iad a‑mach ad aghaidh air aon slighe, agus teichidh iad romhad air seachd slighean.

Cha bhi eagal oirbh romhpa: oir cogaidh an Tighearna ur Dia e fhèin air ur son.

Agus thubhairt e, Falaichidh mi mo ghnùis uapa, chì mi ciod as crìoch dhaibh: oir is ginealach ro‑choirbte iad, clann anns nach eil creideamh.

Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?

Agus na rìghrean sin uile, agus am fearann, ghlac Iosua a dh’aon tarraing, do bhrìgh gun do chog an Tighearna Dia Israeil airson Israeil.

Thugaibh, uime sin, aire mhath dhuibh fhèin, gun gràdhaich sibh an Tighearna ur Dia.

Agus chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna ur Dia ris na cinnich sin uile air ur son-se: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chog air ur son.

Agus fhuair e cnàimh-peircill ùr asail, agus chuir e a‑mach a làmh, agus ghlac e e, agus bhuail e leis mìle fear.

Agus na dhèidh-san bha Samgar mac Anait, a mharbh de na Philistich sia ceud fear le luirg-iomain dhamh: agus shaor esan Israel mar an ceudna.

Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan