Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thill clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, agus dh’fhalbh iad o chloinn Israeil à Siloh, a tha ann an tìr Chanàain, gu dol do thìr Ghilead, gu fearann an seilbhe, a shealbhaich iad, a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e e na rìgh air Gilead, agus air na h‑Asuraich, agus air Iesreel, agus air Ephraim, agus air Beniàmin, agus air Israel uile.

Agus a làimh na h‑àird an ear, chòmhnaich e gu ruig dol a‑steach an fhàsaich on abhainn Euphràtes; a chionn gun d’fhàs an sprèidh ro‑lìonmhor ann am fearann Ghilead.

Is leamsa Gilead, agus is leam Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn, Iùdah fear-tabhairt mo lagha.

A‑nis bha aig cloinn Reubein agus cloinn Ghad ro‑mhòran sprèidhe: agus nuair a chunnaic iad fearann Iaseir, agus fearann Ghilead, feuch bha an t‑àite na àite sprèidhe:

Agus thubhairt Maois riu, Ma nì sibh an nì seo, ma thèid sibh fo ur n‑airm ron Tighearna gu cogadh,

Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo-choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna.

Bidh ar clann bheag, ar mnathan, ar treudan agus ar sprèidh uile an sin ann am bailtean Ghilead:

Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh:

Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia dhuibh am fearann seo ra shealbhachadh: thèid sibh a‑null fo ur n‑airm ro ur bràithrean clann Israeil, gach neach a tha foghainteach a‑chum cogaidh.

Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, cho math is dhuibhse, agus gus an sealbhaich iadsan mar an ceudna am fearann a thug an Tighearna ur Dia dhaibh an taobh thall de Iòrdan: agus an sin tillidh gach duine agaibh ga sheilbh, a thug mi dhuibh.

Agus chaidh Maois suas o chòmhnardan Mhòaib gu sliabh Nebo, gu mullach Phisgah, a tha thall fa chomhair Iericho: agus nochd an Tighearna dha fearann Ghilead uile gu Dan.

Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah;

Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah:

Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean.

Agus nuair a thàinig iad gu crìochan Iòrdain, a tha ann an tìr Chanàain, thog clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh altair an sin làimh ri Iòrdan, altair mhòr ri amharc oirre.

An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh.

Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan