Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thugaibh ro‑aire gun coilean sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, gràdh a thoirt don Tighearna ur Dia, agus gluasad na uile shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth-leantainn ris, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

50 Iomraidhean Croise  

Is beannaichte iadsan a choimheadas breitheanas, a nì ceartas anns gach àm.

Agus gun cuireadh iad an dòchas ann an Dia, agus nach dìochuimhnicheadh iad obraichean Dhè, ach gun gleidheadh iad a àitheantan;

Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

Agus a’ nochdadh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a choimheadas m’àitheantan.

Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e.

Agus nì sibh seirbhis don Tighearna ur Dia, agus beannaichidh esan d’aran, agus d’uisge, agus cuiridh mi easlaint air falbh o ur measg.

Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.

Carson a tha sibh a’ caitheamh airgid air nì nach aran, agus ur saothair air nì nach sàsaich? Eisdibh le deagh aire riumsa, agus ithibh an nì a tha math; agus gabhadh ur n‑anam toil-inntinn ann an cuirm shòghmhoir.

Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh-sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh-sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh.

Thubhairt Iosa ris, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn.

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Chan urrainn neach air bith seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna: oir an dara cuid bidh fuath aige do neach aca, agus gràdh do neach eile; no gabhaidh e le neach aca, agus nì e tàir air neach eile. Chan urrainn sibh seirbhis a dhèanamh do Dhia agus do Mhamon.

Gun tugadh e dhuinn, air dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar naimhdean, gun dèanamaid seirbhis dha as eugmhais eagail,

Ma nì neach air bith seirbhis dhòmhsa, leanadh e mi; agus ge bè àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbhiseach mar an ceudna: ma nì neach seirbhis dhòmhsa bheir m’Athair urram dha.

Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan:

Neach nuair a thàinig e, agus a chunnaic e gràs Dhè, a rinn gàirdeachas, agus a dh’earalaich orra uile gun dlùth-leanadh iad ris an Tighearna le rùn cridhe.

Oir, air an oidhche nochd, sheas làimh riumsa aingeal an Dè sin dom buin mi, agus dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis,

Oir is e Dia m’fhianais, dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis lem spiorad ann an soisgeul a Mhic, gu bheil mi gun sgur a’ dèanamh luaidh oirbh,

Biodh ur gràdh gun cheilg. Biodh gràin agaibh den olc; dlùth-leanaibh ris an nì a tha math.

Agus tha fhios againn gun co‑obraich na h‑uile nithean a‑chum maith, don dream aig a bheil gràdh do Dhia, eadhon dhaibhsan a ghairmeadh a rèir a rùin.

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.

Air an adhbhar sin, gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia, agus gleidhidh tu a chùram, agus a reachdan, agus a bhreitheanais, agus a àitheantan a‑ghnàth.

Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas sibh gu dùrachdach rim àitheantan-sa a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, an Tighearna ur Dia a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam;

Oir ma ghleidheas sibh gu dùrachdach na h‑àitheantan seo uile a tha mise ag àithneadh dhuibh a dhèanamh, an Tighearna ur Dia a ghràdhachadh, gluasad na uile shlighean, agus dlùth-leantainn ris;

An dèidh an Tighearna ur Dia gluaisidh sibh, agus bidh a eagal-san oirbh, agus gleidhidh sibh a àitheantan, agus èisdidh sibh ra ghuth, agus nì sibh seirbhis dha, agus dlùth-leanaidh sibh ris.

Ach ma dh’iarras tu an Tighearna do Dhia as a sin, amaisidh tu air, ma dh’iarras tu e led uile chridhe, agus led uile anam.

Ach tha sibhse, a lean ris an Tighearna ur Dia, beò gach aon agaibh air an là‑an‑diugh.

Uime sin gleidhibh agus dèanaibh iad; oir is e seo ur gliocas agus ur tuigse ann an sealladh nan cinneach, a chluinneas na reachdan sin uile, agus a their, Gu cinnteach is sluagh glic agus tuigseach an cinneach mòr seo.

A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:

Agus a’ dèanamh tròcair do mhìltean dhiubhsan a ghràdhaicheas mi, agus a ghleidheas m’àitheantan.

Gleidhidh sibh gu dìcheallach àitheantan an Tighearna ur Dia, agus a theisteis, agus a reachdan, a dh’àithn e dhut.

A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:

Is beannaichte an duine a ghiùlaineas buaireadh: oir nuair a dhearbhar e, gheibh e crùn na beatha, a gheall an Tighearna don dream a ghràdhaicheas e.

Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?

Ach dlùth-leanaibh ris an Tighearna ur Dia, mar a rinn sibh gus an là‑an‑diugh.

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe;

A‑mhàin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann am fìrinn le ur n‑uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithean a rinn e air ur son.

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan