Iosua 22:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan. Faic an caibideil |
Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine.