Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug clann Reubein agus clann Ghad Ed mar ainm air an altair: oir bidh i na fianais eadarainn, gur e an Tighearna as Dia ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thug Làban mar ainm air Iegar-sahaduta: ach thug Iàcob mar ainm air Galeed.

Agus thubhairt Làban, Tha an càrn seo na fhianais eadar mise agus thusa an‑diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air;

Agus nuair a chunnaic an sluagh uile e, thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, Is e an Tighearna fhèin as Dia ann, is e an Tighearna fhèin as Dia ann.

Anns an là sin bidh altair don Tighearna ann am meadhon tìr na h‑Eiphit; agus carragh aig a crìch don Tighearna.

Is sibhse m’fhianaisean-sa, deir an Tighearna, eadhon m’òglach a roghnaich mi; a‑chum gun aithnich agus gun creid sibh mi; agus gun tuig sibh gur mi Esan; romhamsa cha robh dia sam bith air a dhealbhadh, cha mhò a bhios aon am dhèidh.

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan-loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan-sìth, a‑chum nach abair ur clann-se ri ar cloinn-ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Feuch, bidh a’ chlach seo na fianais dhuinn; oir chuala i uile bhriathran an Tighearna a labhair e rinn: bidh i uime sin na fianais nur n‑aghaidh-se, air eagal gun àicheadh sibh ur Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan