Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thaitinn a’ chùis ri cloinn Israeil, agus bheannaich clann Israeil Dia, agus cha robh rùn aca dol suas nan aghaidh gu cath, a sgrios na tìre anns an robh clann Reubein agus Ghad nan còmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.

Mar uisgeachan fuara don anam thartmhor, mar sin tha deagh sgeul à tìr chèin.

An sin bha an diamhaireachd air a foillseachadh do Dhaniel ann an sealladh anns an oidhche: an sin bheannaich Daniel Dia nèimh.

An sin ghlac esan na uchd e, agus bheannaich e Dia, agus thubhairt e:

An sin dh’fhan a’ chuideachd uile nan tosd, agus thug iad èisdeachd do Bharnabas agus do Phòl, ag innse meud nan comharraidhean agus nam mìorbhailean a rinn Dia leòsan am measg nan Cinneach.

Agus nuair a leugh iad sin, rinn iad gàirdeachas airson an comhfhurtachd.

Agus chan ann le a theachd-san a‑mhàin, ach mar an ceudna leis a’ chomhfhurtachd a fhuair esan uaibhse, nuair a chuir e an cèill dhuinn ur dian-thogradh, ur caoidh, ur teas-ghràdh dhòmhsa; air chor is gur mò a rinn mi gàirdeachas.

Beannaichte gu robh Dia, eadhon Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a bheannaich sinne leis gach uile bheannachadh spioradail ann an ionadan nèamhaidh ann an Crìosd;

Agus nuair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh, agus cinn mìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu.

Agus thill Phinehas mac Eleàsair an sagart, agus na ceannardan, o chloinn Reubein, agus o chloinn Ghad, à tìr Ghilead gu tìr Chanàain, gu cloinn Israeil, agus thug iad fios dan ionnsaigh a‑rìs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan