Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Phinehas mac Eleàsair an sagart ri cloinn Reubein, agus ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Mhanaseh, An‑diugh tha fhios againn gu bheil an Tighearna nar measg, a chionn nach do rinn sibh an cionta seo an aghaidh an Tighearna: a‑nis shaor sibh clann Israeil à làimh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

Mhic Abisua, mhic Phinehais, mhic Eleàsair, mhic Aaroin an t‑àrd-shagart:

Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh.

Agus nì iad dhomh ionad naomh, agus gabhaidh mise còmhnaidh nam measg.

Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean-àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Agus mar sin tha nithean falaichte a chridhe air am foillseachadh; agus mar sin, air dha tuiteam air a aghaidh, nì e adhradh do Dhia, ag aithris gu bheil Dia gu fìrinneach annaibhse.

Agus nuair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh, agus cinn mìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu.

Agus thill Phinehas mac Eleàsair an sagart, agus na ceannardan, o chloinn Reubein, agus o chloinn Ghad, à tìr Ghilead gu tìr Chanàain, gu cloinn Israeil, agus thug iad fios dan ionnsaigh a‑rìs.

Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan