Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh, agus cinn mìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Esau nach do thaitinn nigheanan Chanàain ra athair Isaac,

Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus ris a’ choitheanal uile.

Agus thaitinn am facal ris an rìgh agus ra uachdarain; agus rinn an rìgh a rèir facal Mhemucain:

Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.

Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.

Guma fada e uainne ceannairc a dhèanamh an aghaidh an Tighearna, agus tilleadh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail airson thabhartas-loisgte, airson thabhartasan-bìdh, no airson ìobairtean, seach altair an Tighearna ar Dia, a tha air beulaibh a’ phàillein.

Agus thubhairt Phinehas mac Eleàsair an sagart ri cloinn Reubein, agus ri cloinn Ghad, agus ri cloinn Mhanaseh, An‑diugh tha fhios againn gu bheil an Tighearna nar measg, a chionn nach do rinn sibh an cionta seo an aghaidh an Tighearna: a‑nis shaor sibh clann Israeil à làimh an Tighearna.

Agus thaitinn a’ chùis ri cloinn Israeil, agus bheannaich clann Israeil Dia, agus cha robh rùn aca dol suas nan aghaidh gu cath, a sgrios na tìre anns an robh clann Reubein agus Ghad nan còmhnaidh.

Thug Dia thairis dur làimh ceannardan Mhidiain, Oreb agus Seeb: agus ciod a b’urrainn mise a dhèanamh an coimeas ribhse? An sin thraogh am fearg ris, nuair a thubhairt e sin.

An sin ghairm Achis air Daibhidh, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn, mar as beò an Tighearna, bha thu dìreach, agus is taitneach am shùilean-sa do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach maille rium anns a’ champ; oir cha d’fhuair mi olc annad, on là anns an tàinig thu am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh; gidheadh, ann an sùilean nan rìghrean chan eil thu taitneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan