Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Guma fada e uainne ceannairc a dhèanamh an aghaidh an Tighearna, agus tilleadh an‑diugh o leantainn an Tighearna, le altair a thogail airson thabhartas-loisgte, airson thabhartasan-bìdh, no airson ìobairtean, seach altair an Tighearna ar Dia, a tha air beulaibh a’ phàillein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa seo: ach an duine aig an d’fhuaireadh an cupan, bidh esan na sheirbhiseach agamsa; agus dur taobh-se, rachaibh suas ann an sìth a dh’ionnsaigh ur n‑athar.

Agus thubhairt iad ris, Carson a labhras mo thighearna na briathran seo? Nar leigeadh Dia gun dèanadh do sheirbhisich a rèir an nì seo:

Agus thubhairt Nàbot ri Ahab, Nar leigeadh Dia dhòmhsa gun tugainn oighreachd m’athraichean dhutsa.

Ach ma their sibh rium, As an Tighearna ar Dia tha ar n‑earbsa: nach e seo esan, a chuir Heseciah air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus a thubhairt ri Iùdah agus ri Ierusalem, fa chomhair na h‑altarach seo sleuchdaidh sibh ann an Ierusalem?

Nach do chuir Heseciah seo fhèin air falbh a àitean àrda, agus a altairean, agus nach d’àithn e do Iùdah agus do Ierusalem, ag ràdh, Fa chomhair aon altarach sleuchdaidh sibh, agus loisgidh sibh tùis oirre?

Nar leigeadh Dia: no cionnas a bheir Dia breith air an t‑saoghal?

Nar leigeadh Dia: cionnas a dh’fhaodas sinne, a tha marbh don pheacadh, ar beatha a chaitheamh nas fhaide ann?

Ciod a their sinn, matà? A bheil eucoir maille ri Dia? Nar leigeadh Dia.

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt-loisgte, no tabhartais-bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas-sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e;

Uime sin thubhairt sinn, Gabhamaid a‑nis mu altair a thogail dhuinn fhèin, chan ann airson tabhartais-loisgte, no airson ìobairt;

Uime sin thubhairt sinn, gun tachair e, nuair a their iad seo rinne, no ri ar sliochd anns an àm ri teachd, gum bi againn ri ràdh a‑rìs, Faicibh samhladh altair an Tighearna, a rinn ar n‑athraichean, chan ann airson thabhartas-loisgte, no airson ìobairtean; ach is fianais i eadar sinne agus sibhse.

Agus nuair a chuala Phinehas an sagart, agus ceannardan a’ cho-chruinneachaidh, agus cinn mìltean Israeil a bha maille ris, na briathran a labhair clann Reubein, agus clann Ghad, agus clann Mhanaseh, thaitinn e riu.

Agus fhreagair an sluagh, agus thubhairt iad, Guma fada e uainne an Tighearna a thrèigsinn, gu seirbhis a dhèanamh do dhiathan eile;

Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan