Iosua 22:27Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach a‑chum gum bi i na fianais eadar sinne agus sibhse, agus ar sliochd nar dèidh, a‑chum gun dèan sinn seirbhis an Tighearna na làthair le ar tabhartasan-loisgte, agus le ar n‑ìobairtean, agus le ar tabhartasan-sìth, a‑chum nach abair ur clann-se ri ar cloinn-ne anns an àm ri teachd, Chan eil cuibhreann agaibh anns an Tighearna. Faic an caibideil |
An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.