Agus mura ann air eagal an nì seo a rinn sinn e, ag ràdh, Anns an àm ri teachd dh’fhaodadh ur clann-se labhairt ri ar cloinn-ne, ag ràdh, Ciod ur gnothach-se ris an Tighearna Dia Israeil?
Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.
Agus freagraidh air mo shon-sa m’ionracas anns an àm ri teachd, nuair a thig e mar mo thuarasdal ad làthair-sa: gach aon nach bi breac agus ballach am measg nan gobhar, agus dubh-dhonn am measg nan caorach, measar e mar nì bradach agamsa.
Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:
Nuair a dh’fhiosraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na teisteis, agus do na reachdan, agus do na breitheanais a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuibh?
A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt-loisgte, no tabhartais-bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas-sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e;
Oir rinn an Tighearna Iòrdan na crìch eadar sinne agus sibhse, a chlann Reubein, agus a chlann Ghad; chan eil agaibhse cuibhreann air bith anns an Tighearna: mar seo bheir ur clann-se air ar cloinn-ne sgur de eagal an Tighearna a bhith orra.
A‑chum gum bi seo na chomharradh nur measg, a‑chum nuair a dh’fhiosraicheas ur clann anns an àm ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall dhuibh leis na clachan seo?