Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A thog sinne dhuinn fhèin altair, gu tilleadh air falbh on Tighearna a leantainn, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairt-loisgte, no tabhartais-bìdh, no mas ann a thoirt suas oirre ìobairtean thabhartas-sìth, an sin agradh an Tighearna fhèin e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach feòil maille ra beatha, eadhon a fuil, chan ith sibh.

Oir cha do chuimhnich Iòas an rìgh an coibhneas a rinn Iehoiada a athair ris, ach mharbh e a mhac: agus nuair a bha esan a’ faghail a’ bhàis, thubhairt e, Chì an Tighearna, agus agraidh e.

Nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu cinnteach bàs; agus nach toir thusa rabhadh dha, agus nach labhair thu a thoirt rabhaidh don chiontach o a dhroch shlighe, a‑chum a anam a thèarnadh; bàsaichidh an droch dhuine sin na aingidheachd, ach iarraidh mise a fhuil air do làimh-sa.

Ach ma chì am fear-faire an claidheamh a’ teachd, agus nach sèid e an trompaid, agus nach faigh an sluagh rabhadh ma thig an claidheamh, agus gun toir e aon neach air falbh uapa, tha e air a thoirt air falbh na aingidheachd: ach iarraidh mise a fhuil air làimh an fhir-fhaire.

Nuair a their mise ris an aingidh, O dhuine aingidh, gheibh thu gu deimhinn bàs; mura labhair thusa a‑chum an t‑aingidh a thoirmeasg o a shlighe, gheibh an duine aingidh sin bàs na aingidheachd: ach air do làimh-sa iarraidh mise a fhuil.

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Agus tàrlaidh, an duine nach èisd rim bhriathran-sa a labhras e am ainm, iarraidh mi uaithe e:

Agus mura ann air eagal an nì seo a rinn sinn e, ag ràdh, Anns an àm ri teachd dh’fhaodadh ur clann-se labhairt ri ar cloinn-ne, ag ràdh, Ciod ur gnothach-se ris an Tighearna Dia Israeil?

Mar sin rinn Ionatan coicheangal ri taigh Dhaibhidh, ag ràdh, Gun agradh an Tighearna e eadhon o làimh naimhdean Dhaibhidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan