Agus thusa, a Bhetlehem-Ephratah, ged tha thu beag am measg mhìltean Iùdah, gidheadh asad thig a‑mach am ionnsaigh-sa neach a bhios na uachdaran air Israel; aig an robh a dhol a‑mach o shean, o làithean na sìorraidheachd.
Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho-chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta.
Aig an Tighearna Dia nan diathan, aig an Tighearna Dia nan diathan e fhèin tha fhios, agus aig Israel bidh fhios, mas ann an ceannairc, no ann an easaontas an aghaidh an Tighearna, (mas ann, na saor sinn an‑diugh,)
Ach naomhaichibh an Tighearna Dia nur cridheachan: agus bithibh ullamh a‑ghnàth a‑chum freagradh a thoirt, maille ri ceannsachd agus eagal, do gach uile dhuine a dh’iarras oirbh reuson an dòchais a tha annaibh: