Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 22:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach do rinn Achan mac Sherah cionta anns an nì mhallaichte, agus thuit fearg air uile cho-chruinneachadh Israel? Agus cha b’e an duine sin na aonar a bhàsaich na chionta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.

Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, agus ri Eleàsar, agus ri Itamar, a mhic, Na rùisgibh ur cinn, agus na reubaibh ur n‑aodach, air eagal gum faigh sibh bàs, agus air eagal gun tig fearg air an t‑sluagh uile; ach dèanadh ur bràithrean, taigh Israeil uile, tuireadh airson an losgaidh a las an Tighearna.

A‑nis bha na nithean sin nan samplairean dhuinne, a‑chum nach miannaicheamaid droch nithean, eadhon mar a mhiannaich iadsan.

An sin fhreagair clann Reubein, agus clann Ghad, agus leth-threubh Mhanaseh, agus thubhairt iad ri ceannardan mìltean Israeil,

Ach rinn clann Israeil cionta anns an nì mhallaichte: oir ghabh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah, cuid den nì mhallaichte: agus las fearg an Tighearna an aghaidh chloinn Israeil.

Agus thug e leis a thaigh, a lìon fear is fear; agus ghabhadh Achan mac Charmi, mhic Shabdi, mhic Sherah, de threubh Iùdah.

Agus ghabh Iosua, agus Israel uile maille ris, Achan mac Sherah, agus an t‑airgead, agus an earradh, agus an geinn òir, agus a mhic, agus a nigheanan, agus a dhaimh, agus a asail, agus a chaoraich, agus a bhùth, agus gach nì a bha aige; agus thug iad do ghleann Achoir iad.

Agus bhuail fir Ai dhiubh mu thimcheall sia-fir-dheug ar fhichead: oir chuir iad an ruaig orra o chomhair a’ gheata eadhon gu Sebarim, agus bhuail iad anns an dol sìos iad; uime sin leagh cridhe an t‑sluaigh, agus dh’fhàs e mar uisge.

Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan